Sgoil Uibhist a Tuath fosgailte

Sgoil Uibhist a Tuath

Dh'fhosgail Bun-sgoil ùr Uibhist a Tuath dha sgoilearan 'son a' chiad turas.

Tha 91 sgoilear a' dol dhan sgoil, a tha a' dol an àite nan sgoiltean eile a bh' ann an Uibhist a Tuath.

Chaidh a togail air an làraich far an robh Sgoil Phaibeil bho thùs.

Chosg an obair gu lèir cha mhor £9m, le £6.6m a' tighinn bho Chomhairle nan Eilean Siar is £2.2m bho Riaghaltas na h-Alba.

"Bha sinn a' faicinn sgoiltean ùra timcheall oirnn ann am Baile a' Mhanaich agus Dalabrog agus tha mi a' smaoineachadh gun robh e caran riatanach gum faiceamaid an aon rud, sgoil ùr, ann an Uibhist a Tuath leis na h-aon ghoireasan is na h-aon chothroman dhan chloinn", thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Uisdean Robasdan.

"Bhithinn airson taing mhòr a thoirt dha na comhairlichean a thug taic dhuinn aig àm nuair a bha lùghdachadh mòr dhan phrògram chalpa", thuirt e.

'S e Sorcha Sìne NicSuain ceannard na sgoile.

Thuirt i gu bheil gach goireas a tha dhìth san sgoil is gu bheil i an dòchas gun dèan e feum dhan choimhearsnachd air fad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo