Deuchainnean gan dèanamh air an Transocean Winner
- Air fhoillseachadh

Thèid deuchainnean a dhèanamh Dihaoine air mar a dheigheadh dèiligeadh ri dòrtadh dìosail sam bith a dh'fhaodadh thighinn bhon Transocean Winner, a th' air na creagan air taobh siar Leòdhais.
Chuala coinneamh leis na buidhnean a tha an sàs anns an oidhirp Oidhche Dhiardaoin nach b' urrainn bruidhinn air mar a chaidh an clàr air tìr aig Tràigh Dhail Mhòir an t-seachdain a chaidh.
Chaidh an Transocean Winner air na creagan air an 8mh là den Lùnasdal.
Chaidh innse do mhuinntir na sgìre gun robhar airson an dìcheall a dhèanamh ge-tà a thoirt far na creagan agus milleadh sam bith a chaidh a dhèanamh a chur ceart.
Tha iasgairean sa sgìre air a bhith ag iarraidh dearbhadh gum faigh iadsan airgead-dìolaidh agus maill ga chur air iasgach mhaorach.
Thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, air Aithris na Maidne gur e àm cudromach a tha seo dha na h-iasgairean.
Cuideachd, às dèidh na coinneimh Oidhche Dhiardaoin, thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Cudaig MacLeòid, gu miannaicheadh e gun deigheadh an clàr a thoirt a-steach a dh'Àranais, agus a bhriseadh an sin.