BBC Naidheachdan

Ionad Hiort - clàr-ama na pròiseict ga dhìon

Published
image captionBha grunn sgìrean a' strì airson an ionad ùr fhaighinn, a dh'innseas sgeulachd Hiort.
Tha an fheadhainn a fhuair cothrom Ionad Hiort a thogail a' dìon cho fada 's a tha an obair a' toirt.
'S e Sgìre Ùige ann an Leòdhas a fhuair an cothrom an t-ionad a stèidheachadh air thoiseach air na Hearadh agus Uibhist a Tuath.
Chaidh co-dhùnadh ann an 2010 gur ann ann an Ùig a bhiodh an t-ionad, às dèidh sgrùdaidh le Comhairle nan Eilean Siar.
Chuala co-labhairt ann an Steòrnabhagh do dhaoine a tha an sàs sa phròiseact gu bheil iad ag amas air goireas fìor adhartach 's ùr-nodha agus gu bheil sin a' tòirt ùine.

Luchd Turais

Tha dùil gum bi an t-ionad deiseil ann an ceann ceithir bliadhna agus gun cosg e co-dhiù £8m.
Tha dòchas ann gun tarraing e suas ri 40,000 duine sa bhliadhna agus gun toir e cosnadh do naoinear.
Thuirt cathraiche na buidhne-stiùiridh ionadail, Iain Bochanan: "Feumaidh tu do thìde a ghabhail leis agus gabhail air do shocair leis agus dèanamh cinnteach gu bheil thu ga dhèanamh ceart."
"Thug na ailtearan dhuinn soillearachadh air na dh'fhaodadh a bhith an dàin dhan làrach, ach, chan e seo na planaichean airson an ionaid".
"Mus ruig sinn an ìre sin, feumar an obair a chur a-mach gu tairgse, agus bidh cò-chomhairleachadh farsaing a' dol ro laimhe".