Fear-baidhsagail air a mharbhadh

Poilis aig an làraich Image copyright Jasperimage

Bhàsaich fear-baidhsagail ann an tubaist air an A82 tuath air a' Ghearasdan.

Bhuail làraidh ann am baidhsagail an duine aig 17:15 Diardaoin, faisg air stèisean connaidh tuath air ceann-rathaid a' chearcaill-rathaid leis an A830.

Bha an rathad dùinte airson faisg air ochd uairean a thìde.

Dh'iarr na poilis air luchd-fianais a thighinn air adhart.