Clàr-ama geamhraidh ChalMac a-muigh

  • Air fhoillseachadh

Tha slighean ùra agus atharraichidhean ann an clàr-ama geamhraidh ChalMac, a chaidh fhoillseachadh Dihaoine.

Thuirt Cal Mac gum bi slighe ùr geamhraidh ann eadar Barraigh agus an t-Òban agus atharrachadh air seirbheisean Uibhist a Deas gu tìr-mòr.

À Loch Baghasdail, bidh aon seòladh aig CalMac anns an latha, trì tursan gach seachdain a Mhalaig, agus dà sheirbheis gach seachdain dhan Òban.

Thuirt neach-labhairt do ChalMhac: "Tha sinn a' tuigse gu bheil a' choimhearsnachd air a bhith draghail mu sheirbheisean a chaidh a chur dheth air sgàth na sìde thairis air geamhraidhean eile, agus às dèidh bruidhinn ri muinntir Uibhist a Deas, cho-dhùin sinn an t-seirbheis atharrachadh.

"Tha sinn misneachail gum bi an t-seirbheis seo nas earbsaiche".

Am measg nan atharraichidhean eile, tha:

  • Seirbheis ùr Sàbaid aig 0820 eadar Breadhaig agus Àird Rosain
  • Seribheis eile aig 0815 às an Leargaidh Ghallda agus tè aig 0830 às a' Chumaradh Mhòr air an t-Sàbaid
  • Atharraichidhean air seirbheis Ghiogha air sgàth nam busaichean
  • Cothrom air seirbheis Sàbaid aig 0845 à Fionnphort agus aig 0900 à Eilean Idhe
  • Atharraichidhean air seòlaidhean an fheasgair eadar Tobar Mhoire agus Cille Chòmhghain air sgàth nam busaichean sgoile

Cha deach crìoch a chur air a' chlàr-ama airson Malaig/Armadail is còmhraidhean fhathast a' dol le Fòram Còmhdhail Shlèite.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.calmac.co.uk/calmac-winter-timetables