Deuchainnean banna-leathainn an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Neach-obrach an Tolastadh bho ThuathTùs an deilbh, Iain MacDonald/BT
Fo-thiotal an deilbh,
Neach-obrach an Tolastadh bho Thuath

'S e baile an earra-thuath Leòdhais a' chiad àite ann an Alba anns an tèid deuchainnean a dhèanamh air siostam teicneolais ùire airson a' bhanna-leathainn fìor luath.

Chaidh 20 taigh ann an Tolastadh bho Thuath a chomharrachadh airson deuchainnean air an t-siostam VDSL, a tha comasach air bann-leathann fìor luath a sgaoileadh thairis air astar fada.

Thuirt BT gun deach an sgìre a thaghadh seach gu bheil i cho iomallach.