Abraich is an t-Òban gus strì

  • Air fhoillseachadh
Cupa na Camanachd

Thèid Loch Abar an aghaidh Camanachd an Òbain Disathairne is na sgiobaidhean gus farpais 'son àite sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Tha Baile Ùr an t-Slèibh an sin mar thà às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Ceann Loch Seile 2-1 an t-seachdain seo chaidh.

'S e a' cheist cò bhios nan aghaidh.

Tha Camanachd an Òbain ag amas air a' chuairt dheireannaich a ruighinn 'son a' chiad uair bho 2001, nuair a chaill iad 2-0 ri Ceann a' Ghiuthsaich.

B' e 1996 mu dheireadh a bhuannaich iad an cupa, an là aimeil a rinn iad an gnothach air Ceann a' Ghiuthsaich 3-2 aig àm nuair nach sgioba Bhàideanach a' call ach glè ainneamh.

Truas

Cha b' ann an-diugh no an-dè a bha sin, ach 's e glè bheag de thruas a bhios aig muinntir Loch Abair dhaibh, oir chan eil sgioba bho sgìre a' chluba air an geama mòr a ruighinn bho 1926, nuair a chaill Drochaid an Aonachain 3-2 ri Inbhir Aora.

Eachdraidh a dheànamh a bhios san amharc aig Loch Abar ma-thà, is ged nach eil iad a' dol cho math sin san lìog, tha iad air a bhith làidir anns na cupanan am-bliadhna.

Chaill iad 2-1 ri Baile Ùr an t-Slèibh sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais leis an slaic mu dheireadh den gheama.

Ann an Cupa na Camanachd, chaidh iad a Cheann a' Ghiuthsaich is thug iad seachad pronnadh eagallach 5-1.

Chuir an taghadh iad an uairsin a Thaigh na Bruaich, geama cho duilich sa gheibhear ann an Cupa na Camanachd, ach fhuair Loch Abar às co-ionnan, is chuir iad Caol Bhòid an uairsin a-mach air ais aig an taigh.

Misneachail

Bidh na h-Abraich misneachail is tha iad a' dol a-steach dhan gheama gun duine air an casg no air an goirteachadh.

Cha robh slighe cho buileach doirbh aig sgioba an Òbain is iad air Gleann Urchadain is Cill Mhàillidh a chur a-mach thuige seo.

Tha Garry Lord air a chasg dhaibh, ach a bharrachd air sin tha làn sguad aca.

Bha an dà gheama san lìog eadar na sgiobaidhean faisg, 1-1 is 2-1 dhan Òban, is bidh làn dùil ri geama teann a-rithist Disathairne.

Chithear an geama beò air BBC Alba bho 4.f.

Sa Phrìomh Lìog bidh cothrom aig Baile Ùr an t-Slèibh gluasad nas fhaide air thoiseach aig a' mhullach is iad aig an taigh an aghaidh a' Ghearasdain.

Cruaidh fheum

Tha na Sgitheanaich air falbh an aghaidh Lòbhait is cruaidh fheum aca a-nise air puingean ma tha iad a' dol a dh'fhuireach sa Phrìomh Lìog.

Cuiridh Ceann Loch Seile fàilte air Gleann Urchadain is bidh Ceann a' Ghiuthsaich an aghaidh Chaol Bhòid.

Bidh dearbaidh ann am Port Rìgh eadar darna sgiobaidhean an eilein is Cheann Loch Seile ann an Lìog Tuath 1.

Ann an Siabost bidh Camanachd Leòdhais an aghaidh Shrath Spè.

Bha na Leòdhasaich mì-fhortanach call 4-3 ri Cill Mhàillidh an t-seachdain seo chaidh, is 's e cothrom a tha seo astar a chur eadar iad fhèin is Srath Spè is Inbhir Nis aig bonn na lìge.

Bidh Innes MacLaomainn is Paddy Mac na Ceàrdaich a dhìth, ach tillidh Graham Cay is Donnchadh Mac an t-Saoir dhan sguad.

Tòisichidh an geama aig 2.30f.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh