Obraichean Uibhist ann an cunnart

Siostam Rapier

Tha BBC Radio nan Gaidheal a' tuigsinn gun deach fios a chur air co-dhiù còignar a tha ag obair aig Raon Rocaidean Uibhist gu bheil iad a' call an cosnadh.

Tha dùil gun cluinn cuid eile Diluain a bheil na h-obraichean acasan sàbhailte.

Cha tug a' chompanaidh QinetiQ a tha a' ruith a raoin dearbhadh air an fhiosrachadh , ach thuirt iad gu bheil pròiseas co-comhairleachaidh a' leanntainn leis an luchd-obrach.

Tha dùil gun teid crìoch a chuir air a phròiseas sin aig toiseach an t-Sultain ach chan eil e soilleir aig an ìre-sa co mheud neach a chailleas an cuid-obrach.

Tha 148 neach ag obair aig QinetiQ as na h-Eileanan.

Bha Riaghaltas Westminster am beachd Raon Rocaidean Uibhist a dhùnadh ann an 2010 ach chaidh cur às dhan phlana sin.