Iomairt gus clàr-ola a chur air ais air bhog

Clàr-ola

Thèid feuchainn ris a' chlàr-ola a thàinig air tìr air taobh siar Leòdhais a chur air bhog nuair a bhios an làn àrd oidhche Luain.

Chaidh an Transocean Winner air na creagan air an 8mh là den Lùnasdal.

Rinneadh an gnothach air uisge a phumpadh a-mach às na tancaichean aig bonn a chlàir.

Thuirt an sgioba-saoraidh agus riochdaire an Riaghaltais gu bheil iad a-nis ag amas air a' chlàr a shlaodadh a-steach dhan Loch a Tuath air taobh sear an eilein gus a dhèanamh sàbhailte.

Tha na buidhnean a tha an sàs san iomairt - Poilis na h-Alba agus Comhairle nan Eilean Siar nam measg - air fiosrachadh fhoillseachadh gu bheil iad a' cur bus air dòigh dhan phoball ma tha iad airson an obair gus a chur air ais air bhog fhaicinn.

Bheir am bus daoine bhon rathad mhòr chun na làraich, air cladach Dhail Mhòir.

Chuir iad ìmpidh air daoine ge-tà, cumail air falbh bho oir nan sgallachan san sgìre agus cumail ris na riaghailtean aca a thaobh sàbhailteachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo