Coinneamh Bhrexit nan iasgairean

Bàt-iasgaich

Tha iasgairean Albannach a' coinneachadh ann an Cill Rìmhinn Diluain airson a' chiad turais a bhruidhinn air a' bhuaidh a dh'fhaodadh tighinn air a' ghnìomhachas le bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich.

Bha iasgairean nam pàirt gu math mòr de dh'iomairt Bhrexit ron referendum anns an Ògmhìos.

Bhòt Alba airson fuireach san Aonadh Eòrpach ach cha do bhòt mòran de na h-iasgairean Albannach mar sin.

Bha bàtaichean Albannach an sàs ann an iomairt a sheòl air abhainn Thames gu ruige na Pàrlamaid.

Bha seo agus mòran air a bhith mì-thoilichte le poileasaidh coitcheann an iasgaich fad bhliadhnaichean agus feadhainn a' coireachadh sin airson mar a chaidh an t-iasgach bhuaithe ann an Alba.

Bidh a' chiad deasbad poblach air a' ghnìomhachas san àm ri teachd mar phàirt de cho-labhairt iasgaih na h-Alba.