Cuid a' faighinn fios mu obraichean QinetiQ

Raon nan Rocaid

Tha am BBC a' tuigsinn gun deach innse do chòignear de luchd-obrach QinetiQ ann an Uibhist Dihaoine gun caill iad an obair.

Air feadh na companaidh, tha QinetiQ a' gearradh timcheall air 3% de na h-obraichean aca, ach tha e coltach gum bi an àireamh sin nas àirde aig Raon nan Rocaidean ann an Uibhist.

Tha seo uile a' tachairt a dh'aindeoin 's gu bheil co-chomhairleachadh fhathast a' dol air adhart.

A thuilleadh air a' chòignear a chuala gun robh na h-obraichean aca a' falbh thathas a' tuigse cuideachd gun cluinn triùir eile, 's dòcha Diluain, mu dè a tha a' tachairt le na dreuchdan aca-san.

Le sin dh'fhaodadh gum bi ochd cosnaidhean a' falbh uile gu lèir.

Cosnadh

Tha QinetiQ ag ràdh gu bheil a' chompanaidh a' toirt cosnadh do 148 duine ann an Uibhist, ged a tha an t-aonadh Unite a' cur teagamh san àireamh sin, ag ràdh gu bheil nas lugha na sin ag obair ann.

Fiù 's aig 148, bhiodh lùghdachadh de dh'ochd obraichean nas fhaisge air 5% den luchd-obrach, seach 3%.

Cha robh QinetiQ deònach dearbhadh gun deach fios a chur a-mach gu an luchd-obrach.

Cha chanadh iad càil ach gun robh co-chomhairleachadh mu obraichean a' tighinn gu ceann aig toiseach na Sultaine agus gun robh conaltradh le cuid de luchd-obrach aig na làraich aca a' leantainn.

Thuirt iad nach b' urrainn dhaibh innse cia mheud duine a bha a' dol a chall an obair gus am biodh am pròiseas sin seachad.

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil obraichean a' falbh aig diofar ìrean, bho roinn an ionmhais gu roinn nan goireasan.

Iomagain

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Raghnall MacFhionnghain gu bheil e na adhbhar iomagain gu math mòr gu bheil QinetiQ a' gearradh uimhir de chosnaidhean ann an Uibhist.

"Tha e doirbh, doirbh obraichean fhaighinn ann an Uibhist.

"Feumaidh sinn an fheadhainn a th' againn a chumail," thuirt e.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An Comh. Raghnall MacFhionnghain air Aithris na Maidne

B' fheàrr le Mgr MacFhionnghain barrachd luchd-obrach fhaicinn.

"Tha QinetiQ a' toirt daoine a-staigh nuair a tha iad a' losgadh nan rocaidean.

"Chan eil mi a' tuigsinn carson nach robh a h-uile duine aca ann an Uibhist, a bhios ag obair ann an Uibhist, carson a dh'fheumas iad daoine a thoirt a-steach à àite eile?

"Bhiodh sin a' ciallachadh gu bheil sinne a' subsadaiseadh àite air choireigin eile an àite an luchd-obrach againne a bhith ga dhèanamh," thuirt Mgr MacFhionnghain.

Coinnichidh Unite ri luchd-obrach a tha nam buill san aonadh Diluain.

Thuirt iad gun robh iad airson dèanamh cinnteach gun coilean QinetiQ an cuid dleastanais a thaobh an luchd-obrach.

Am measg sin tha an t-aonadh airson gum bi cothrom aig an fheadhainn a tha a' call an cosnaidh air obraichean eile a tha bàn aig QinetiQ ann an Uibhist, neo aig làraich eile leis a' chompanaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo