Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clàr-ola

Tha a h-uile dùil gun tèid oidhirp a dhèanamh air a' chlàr-ola a tha air na creagan air taobh siar Leòdhais a chuir gu muir a-rithist air an làn ard a-nochd. Thàinig an Transocean Winner air tìr aig Tràigh Dhail Mòr ann droch shìde bho chionn ceala-deug. Thàinig dearbhadh an-dè gun tèid feuchainn ris a' chlàr a thoirt far nan creagan aig muir-làn aig deich uairean a-nochd.

QinetiQ

Tha e coltach gun deach innse do chòignear gun caill iad an cosnadh aig raon nan rocaid ann an Uibhist le dùil ri fios an-diugh fhathast mu chosnaidhean eile. Thuirt QinetiQ, a tha a' ruith raon nan rocaid dhan MOD, gu lean co-chomhairle gu toiseach na h-ath mhìos. Tha cha mhòr ceud gu leth de luchd-obrach aig QinetiQ sna h-eileanan an-dràsta.

PFI

Fhuair rannsachadh a rinn am BBC ann an Alba, gu bheil corr 's dà cheud sgoil Albannach, a chaidh an togail le sgeamachan PFI, a bhoineas a-niste ann am pàirt do stòras airgid far tìre. Tha seachd sgoiltean deug ann an Dùn Èideann, a bha dùinte air adhbharan sàbhailteachd, nam measg. Tha feadhainn a tha teagmhach mu sgoiltean PFI a' ràdh nach eil annta ach dòigh air tuilleadh airgid a dhèanamh do dhaoine beartach. Bidh sgrùdadh air na seachd sgoiltean deug ann an Dùn Èideann a' faighneachd an robh ceangal aig PFI ri trioblaidean le structar nan sgoiltean sin.

Na Làbaraich

Tha am Pàrtaidh Làbarach a' tòiseachadh a' cur phàipearan baileit a-mach an-diugh gu faisg air sia ceud gu leth mìle duine aig am bheil bhòt anns an taghadh eadar Jeremy Corbyn agus Owen Mac a' Ghobhainn 'son ceannas a' phàrtaidh. Leig ceannard nan Làbarach ann an Alba, Kezia Dugdale, fhaicinn gu bheil ise a' cur a taic ri Mgr Mac a' Ghobhainn.

Comhairlean

Tha feadhainn de na comhairlean 's motha ann an Alba am beachd Riaghaltas na h-Alba a thoirt gu lagh agus iad mì-thoilichte nach eil àite aca sna còmhraidhean mu ionmhas nan ùghdarras ionadail. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach bruidhinn iad ach ri Caidreachas nan Ùghdarras Ionadail, COSLA, mu bhuidseat na h-ath-bhliadhna. Ach tha na comhairlean a tha air COSLA fhàgail ag ràdh gu bheil iad a' beachdachadh air a' chùis a thoirt gu Cùirt an t-Seisein.

Brexit

Tha ceannardan an iasgaich ann an Alba a' coinneachadh an-diugh a dhèanamh deasbad 'son a' chiad uair air buaidh na bhòt 'son na Rìoghachd Aonaichte a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Bha iasgairean na h-Alba am measg nam buidhnean a bu mhotha a bha 'son Breatainn a thoirt a-mach as an EU.

Spòrs

Aig na h-Oilimpics ann an Rio a thàinig gu ceann an-raoir ghlèidh Joe Joyce am bonn mu dheireadh do Bhreatainn, bonn airgid sa chuairt dheireannach aig ìre super heavy-weight sa bhocsadh. Dh'fhàg sin Breatainn san dàrna àite air clàr nam bonn, agus dìreadh na Stàitean Aonaichte os an cionn.

Air falbh bho na h-Oilimpics thàinig fad dà gheam thar fhichead gun chall gu ceann do dh'Andy Moireach an-raoir nuair a chaill e ri Marin Cilic sa chuairt dheireannach aig an Cincinnati Open.

Agus tha manadsair ball-coise na h-Alba, Gordan Strachan, ag ainmeachadh an sguad an-diugh airson a' chiad gheama san fharpais dhearbhaidh airson Cupa na Cruinne air falbh ann am Malta air an ath mhìos.