Clàr-ola air an t-slighe dhan Loch a Tuath
- Air fhoillseachadh

Tha an Transocean Winner air an t-slighe dhan Loch a Tuath, às dèidh mar a chaidh a tharraing far nan creagan aig Dail Mòr.
Dh'obraich an iomairt shaoraidh oidhche Luain gu dòigheil.
Thòisich an dà bhàta-slaodaidh, an Union Bear is an Union Princess, a' tarraing air casan deiridh a' chlàir às dèidh 9:00f.
Timcheall air 9:30f, thòisich na bàtaichean a' slaodadh còmhla.
Gluasad
Beagan às dèidh 10:00f ghluais an Transocean Winner far chreagan Dail Mhòir, cola-deug às dèidh dhi a dhol a shuidhe orra.
Bha car mòr oirre an toiseach, is rinn na sgiobaidhean saoraidh obair gus a cothromachadh is gum biodh i deiseil 'son a slaodadh.
Tha an clàr a-nise air an t-slighe - gu slaodach - dhan Loch a Tuath.
Tha an t-sìde fàbharach an-dràsta is tha dùil gun ruig an Transocean Winner an Loch a Tuath oidhche Mhàirt.
Chaidh acarsaid a dheasachadh mar thà san Loch a Tuath.
Aithris Aonghais Dhòmhnallaich, a bha an làthair aig Dail Mòr oidhche Luain.
Chaidh ochd acraichean a chur ann am meadhan an locha, is na h-eòlaichean ag ràdh gun cum iad grèim air a' chlàr ann an aimsir sam bith.
Thèid deuchainnean an uairsin a dhèanamh air an Transocean Winner, is gheibh dàibhearan cothrom a dhol sìos 'son a sgrùdadh, rud nach robh comasach aig Dail Mòr.
Innsidh an sgrùdadh sin a bheil feum air obair-càiridh mus tèid an clàr a shlaodadh air falbh 'son a bhristeadh às a chèile.
Thathas a' smaointinn gum bi an clàr san Loch a Tuath 'son dhà no trì seachdainnean.
Thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gur e faochadh a th' ann gu bheil an clàr air an t-slighe.
Cùl
'S e faochadh a bhios ann gu buileach, thuirt e, nuair a chuireas an Transocean Winner cùl ri Eilean Leòdhais.
"S e glè bheag a bhios ga h-ionndrainn", thuirt Mgr Dòmhnallach.
"S dòcha gun robh buannachd ann dha cuid de dhaoine a thaobh an fheadhainn a bha an sàs sa ghnothach, bha àiteachan fuirich aca ri lorg is biadh aca ri ghabhail.
"Aig deireadh an là, chan e rud math sam bith a th' ann a bhith a' faicinn clàr-ola a' tighinn air a' chladach agus na cunnartan a tha na lùib a thaobh gach cuid beatha dhaoine agus an àrainneachd", thuirt e.
Dh'innis Mgr Dòmhnallach gum bi Comhairle nan Eilean Siar a-nise a' feitheamh air aithisg oifigeil air ciamar a chaidh an Transocean Winner air na creagan sa chiad dol a-mach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Lùnastal 2016
- Air fhoillseachadh18 An Lùnastal 2016
- Air fhoillseachadh22 An Lùnastal 2016