Dragh mu eaconamaidh Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Raon nan rocaidean

Tha dragh air fear de chomhairlichean Uibhist nach eil ann an cosnaidhean a' falbh aig raon nan rocaidean ach toiseach crìonaidh nas motha ann an eaconamaidh na sgire.

Tha Uisdean Robasdan air sgrìobhadh gu BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, mun t-suidheachadh.

Chaidh innse do chòignear a tha ag obair dha QinetiQ, a' chompanaidh a tha a' ruith raon nan rocaidean ann an Gèirinis, gu bheil iad a' call an cosnadh.

Tha seo a' tighinn agus ro-shealladh soisealta-eaconamach a' sùileachadh crìonadh faisg air 17% ann an àireamh sluaigh Uibhist is Bharaigh air an ath dheich bliadhna.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil grunn rudan ann," thuirt Mgr Robasdan.

"Gu h-àraid na h-àiteachan glèidhteachais a tha seo, tha iad gar tachdadh a thaobh croitearachd, iasgaich agus na gnìomhachasan traidiseanta a bha an seo fad nam bliadhnaichean.

"Thathar a' cur stad air tòrr de rudan a tha a' tachairt ann an Uibhist leis na h-àiteachan glèidhteachais a tha seo.

Curracagan

"Nam biodh tusa, mar eisimpleir, a' coimhead ri call, can, aonan a-mach à còig de na h-eòin, na curracagan, no a h-uile seòrsa eòin a th' againn an na Uibhist, bhiodh na milleanan gan caitheamh a-steach mar a thachair a thaobh a' mhinc 's na gràineagan 's rudan mar seo.

"Ach tha rud mar seo, tha e mar gum biodh a' dol seachad gun ghuth.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil an t-àm aig a' choimhearsnachd fhèin seasamh suas a ràdh gu bheil gu leòr an seo.

"Tha còir barrachd chumhachd a bhith aig na coimhearsnachdan fhèin an lùib nan àiteachan glèidhteachais, agus na buidhnean a tha stèidhichte air Tìr-Mòr aig a bheil buaidh mhòr air beatha anns na h-eileanan a tha seo.

"Tha sinn a' coimhead gur e daoine a bhios ag obair a bhios anns na daoine a dh'fhalbhas, agus ma tha thu a' call na tha sin, 's e rud uabhasach draghail a th' ann.

"Tha ceist ann an uair sin dè cho seasmhach 's a tha an t-àite ma thachras sin.

"Tha dleastanas moralta air an MoD, chanainnsa, a thaobh, chuir iad stad air adhartas a bha sinn fhèin a' feuchainn ri dhèanamh an seo a thaobh chrann-gaoithe agus a thaobh airgead a thoirt a-steach dhan sgìre.

"Agus chanainnsa, a' coimhead air sin, gun robh còir aca a dhèanamh cinnteach gun robh a h-uile obair a ghabhadh cumail air an raon ann na Gèirinis, agus tha mi an dòchas gun deadh coimhead ris anns an dòigh a tha sin," thuirt e.