Velodrome ga iarraidh dha Inbhir Nis

Velodrome Chris Hoy an Glaschu Image copyright SNS

Chaidh iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd oidhirp ùr a dhèanamh gus ionad spòrs agus velodrome fhaighinn airson Inbhir Nis.

Thuirt am BP Gàidhealach, Drew Hendry, gum fosgladh goireasan den leithid cothroman air leth do luchd-spòrs na sgìre.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd an dòchas hub spòrs is velodrome luach £23m a leasachadh.

'S ann mar phàirt de dh'Aonta Baile Inbhir Nis a bha iad 'son a dhèanamh.

Cha robh na planaichean an cois an aonta ge-tà, nuair a chaidh an cùmhnant luach £315 fhoillseachadh.

Thuirt Mgr Hendry gu bheil e an dòchas nach eil an gnothach seachad.

Brath

Tha cothrom ann brath a ghabhail air soirbheachas Bhreatainn aig na Geamaichean Olimpigeach, thuirt e, is cothroman a bharrachd ann an spòrs a thoirt dha muinntir na Gàidhealtachd.

Bhiodh farsaingeachd de spòrs ann an ionad den leithid, thuirt Mgr Hendry.

Dh'iarr e air Comhairle na Gàidhealtachd planaichean ùra a chur air adhart gus am bi iad deiseil ma thig maoineachadh.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt fear de chomhairlichean Inbhir Nis, Ailig Greumach, nach e prìomhachas a tha sa phròiseict na bheachd.

"Tha mi a' tuigsinn carson a tha amas aig Drew rud den t-seòrsa seo a bhith againn, is mar Bhuill-Phàrlamaid eile tha e a' coimhead ri dòighean am baile is a' Ghàidhealtachd a leasachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh ma choimheadas tu air rudan eile a tha a dhìth oirnn, cha chanainn idir gu bheil velodrome aig mullach na liosta", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile