Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Crann-ola

Tha dà bhàta slaodaidh an-dràsta gan cleachdadh airson crann-ola a chaidh air tìr air costa Leòdhais bho chionn cola-deug a tharraing gu acarsaid shàbhailte. Chaidh an Transocean Winner a thoirt far na creagan aig Dail Mòr an-raoir, agus tha dùil gun ruig an crann-ola an Loch a Tuath air taobh sear an eilein uaireigin a-nochd fhathast.

Brexit

Dh'fhaodadh gun cosg Brexit corr is £11bn do dh'eaconamaidh na h-Alba, a rèir àireamhan a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba. Tha an sgrùdadh a' co-dhùnadh, eadar seo agus a' bhliadhna 2030, gun tuit GDP na dùthcha eadar £1.7bn agus £11.2bn sa bhliadhna. Tha iad cuideachd a' dèanamh dheth gum bi an teachd a-steach bho chìsean eadar £1.7bn agus £3.7bn nas ìosaile a na tha e an-dràsta. Thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gu bheil na h-àireamhan a' sealltainn cho cudromach 's a tha e gun glèidh Alba a h-àite san EU.

Thuirt ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson, gu bheil iad a' sealltainn gum bu chòir dhan SNP barrachd aire a thoirt dhan eaconamaidh, an àite a bhith ag iomairt airson neo-eisimeileachd.

Ospadalan

A rèir àireamhan ùra, tha nas lugha dhaoine a' bàsachadh ann an ospadalan na h-Alba. Eadar am Faoilleach an-uiridh is toiseach na bliadhna seo, thuit an ìre bàsmhorachd anns na h-ospadalan againn 4.5% - sìos timcheal air 3000 an coimeas ri na dusan mìosan roimhe sin. Tha an Riaghaltas ag amas air lùghdachadh do 10%ro dheireadh na bliadhna 2018.

Meirle

Dh'fhoillsich poilis dealbhan CCTV do dhithis fhireannach a chreach bùth ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar san Fhaoilleach. Chleachd na meirlich sgeinean gus maoidheadh air luchd-obrach, mus an do theich iad le còrr is £1000 à buth a' Cho-Op air Rathad Earra-Ghàidheal ann an Alexandria. Tha na poilis air iarraidh air neach sam bith a dh'aithnicheas na daoine brath a leigeil thuca.

Teine

Chaochail boireannach, 39, ann a teine ann an Dùn Phris an-raoir. Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu flat air Sràid English ann am meadhan a' bhaile goirid ro 8f. Chaidh am boireannach a thoirt gu Ospadal Dhùn Phris, ach dhearbh dotairean gun robh i air bàsachadh.