Planaichean rathaid gan taisbeanadh
- Published
image copyrightCòmhdail Alba
Chaidh sia roghainnean fhoillseachadh airson rathaid ùir ann an Inbhir Nis a nì ceangal eadar an A9 is an A96.
Thig an t-airgead bho Aonta Baile Inbhir Nis.
A bharrachd air an A9 is A96, nì an rathad ùr ceangal cuideachd eadar na h-Innseagan is Baile a' Ghobhainn.
Faodaidh daoine coimhead air na roghainnean, agus am beachd a thoirt orra, aig Eaglais nan Innseagan gu 7:00f Dimàirt.
Bidh cothrom Diciadain eadar meadhan là is 7:00f aig Eaglais Bhaile a' Ghobhainn.
Tha am fiosrachadh cuideachd air làrach Còmhdail Alba.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh