Clàr-ola a' teannadh air an Loch a Tuath
- Published
Tha an Transocean Winner a-nise a' teannadh air an Loch a Tuath is an turas aice timcheall Leòdhais gus tighinn gu ceann.
Chaidh an clàr-olà a shlaodadh far nan creagan aig Dail Mòr mu 10:00f oidhche Luain.
Thug an turas bhon uairsin nas fhaide na bha dùil.
Bha dòchas an toiseach gum biodh an clàr-ola san Loch a Tuath oidhche Mhàirt, is an uairsin gun ruigeadh i an loch mu 07:00m Diciadain.
Tha a h-uile coltas ann gur e staid a' chlàir as coireach nach deach a ghluasad cho luath 's a bha an luchd-sàbhalaidh ag iarraidh, is dragh ann gum faodadh i car a chur.
"Bodach"
Thuirt fear-naidheachd a' BhBC, Aonghas Dòmhnallach, a tha a' leantainn turas a' chlàir, gu bheil i coltach ri "bodach ri droch chruachain".
Tha am bàta-slaodadh ET Vittoria san Loch a Tuath is i a' cur sìos ochd acraichean a chumas an clàr.
Tòisichidh obair-rannsachaidh an uairsin air a' chlàr feuch dè cho dona 's a tha i air a milleadh.
Nochd ceist ùr mu thruailleadh, is aona sgiobair ag innse gun robh crùbagan a ghlac e air an gannrachadh le diesel.
Thuirt Transocean gum bu chòir dhan sgiobair fios a chur orra.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 23 An Lùnastal 2016
- Published
- 23 An Lùnastal 2016
- Published
- 18 An Lùnastal 2016
- Published
- 8 An Lùnastal 2016