Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Crith-thalmhainn

Tha aithrisean anns an Eadailt gu bheil suas ri 40 duine marbh an dèidh crith-thalmhainn làidir ann an sgìre Umbria ann am meadhan na dùthcha. Rinn a' chrith, air a clàradh aig 6.2, sgrios air na h-uimhir de bhailtean agus tha a h-uile coltas ann gu bheil daoine glacte fo na togalaichean a thuit.

Siria

Tha armachd na Tuirce a' feuchainn ri feachdan na Stàite Ioslamaich a chur a-mach à baile air na crìochan ann an ceann a tuath Shiria. Chaidh tancaichean Tuirceach thar na crìche agus tha itealain-chogaidh agus gunnaichean mòra a' toirt ionnsaigh air baile Jarablus a tha fo smachd IS.

GERS

Bha easbhaidh na h-Alba air a' bhliadhna ionmhais mu dheireadh aig faisg air £15bn, beagan nas lugha na 10% de thoradh eaconamach na dùthcha. Tha na figearan an ìre mhath an aon rud 's a bha iad air a' bhliadhna ron sin, a dh'aindeoin prìs ìosal na h-ola. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu bheil bunaitean na h-eaconamaidh làidir, ach tha na pàrtaidhean eile ag ràdh gu bheil na figearan a' dearbhadh gu bheil Alba nas fheàrr dheth anns an Rìoghachd Aonaichte.

Iasgach

Tha a' bhuidheann sgrùdaidh, Institiud Adhaimh Mhic a' Ghobhainn, ag ràdh gu bheil Breatainn a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich na chothrom air leth leasachadh a thoirt air gnìomhachas an iasgaich. Dh'fhoillsich a' bhuidheann plana anns a bheil deich molaidhean. Am measg rudan eile tha iad ag iarraidh air an Riaghaltas casg eaconamach mu na cladaichean a leudachadh bho dhusan mìle gu 200 mìle agus cur às do phoileasaidh chonnspaideach an EU fo am feum cuid den iasg a thèid a ghlacadh a thilgeil air ais.

Ospadal

Tha NHS na Gàidhealtachd a' dìon cùraim aig Ospadal Belford a' Ghearasdain an dèidh figearan a tha ag ràdh gu bheil bàs an sin nas bitheanta na tha ann an ospadail eile. Dh'iarr ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, coinneamh ri ceannardan slàinte ach thuirt NHS na Gàidhealtachd gun do dh'innis eòlaichean neo-eisimeileach dhaibhsan nach eil adhbhar dragh ann.

E-sgoil

Chaidh £700,000 a thoirt do mheadhan-teagaisg a tha a' toirt cothrom do sgoilearan na h-àrd-sgoile sna h-Eileanan an Iar tuilleadh chuspairean a ghabhail tro chlasaichean air-loidhne. Fhuair e-sgoil £550,000 bho Riaghaltas na h-Alba agus £150,000 bho Bhòrd na Gàidhlig. Bidh e stèidhichte ann an Steòrnabhagh agus a' lìbhrigeadh chuspairean aig àrd-ìre, cùrsaichean ann am Foghlam Gàidhlig, sgilean dreuchdail agus trèanadh airson teagaisg.