Sgeama Haidro san amharc an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Tuath-gaoithe

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson sgeama haidro ùir ann an Leòdhas.

Chosgadh an leasachadh aig Eishken Earranta £200m.

Tha a' chompanaidh am beachd uisge na mara a thogail le pumpaichean a bhios a' cleachdadh chumhachd bho thuath-ghaoithe.

Chaidh cead-dealbhachaidh 'son tuath-gaoithe air Oighreachd Eisgein a thoirt seachadh roimhe.

Bhiodh còrr is 30 crann ann.

Bheireadh na pumpaichean an t-uisge bho Loch Shiphoirt gu ruige loch-tasgaidh.

Bhiodh cumhachd gu leòr ga chruthachadh 'son dealain a chumail ri còrr is 200,000 dachaigh.

Tha an luchd-leasachaidh ag ràdh gur e seo a' chiad turas a bhiodh uisge na mara ga chleachdadh ann an sgeama mar seo.

Tha Eishken Earranta den bheachd gun rachadh còrr is 150 obraichean a chruthachadh ann a bhith a' togail an sgeama.

Bheireadh an obair-togail eadar trì is còig bliadhnaichean.