Clàr-ola san Loch a Tuath

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha an Transocean Winner san Loch a Tuath

Ràinig an Transocean Winner an Loch a Tuath is an turas aice timcheall Leòdhais air tighinn gu ceann.

Chaidh an clàr-olà a shlaodadh far nan creagan aig Dail Mòr mu 10:00f oidhche Luain.

Thug an turas bhon uairsin nas fhaide na bha dùil.

Bha dòchas an toiseach gum biodh an clàr-ola san Loch a Tuath oidhche Mhàirt, no tràth Diciadain.

Air a' cheann thall, ràinig an clàr tràth feasgar Diciadain.

Tha a h-uile coltas ann gur e staid a' chlàir as coireach nach deach a ghluasad cho luath 's a bha an luchd-sàbhalaidh ag iarraidh, is dragh ann gum faodadh i car a chur.

Tùs an deilbh, Domhnall MacSuain
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an clàr a' dèanamh a shlighe, mean air mean, timcheall air costa Leòdhais.

Thuirt fear-naidheachd a' BhBC, Aonghas Dòmhnallach, a bha a' leantainn turas a' chlàir, gu bheil i coltach ri "bodach ri droch chruachain".

Tha am bàta-slaodadh ET Vittoria san Loch a Tuath is i a' cur sìos ochd acraichean a chumas an clàr.

Tòisichidh obair-rannsachaidh a-nise air a' chlàr feuch dè cho dona 's a tha i air a milleadh.

Nochd ceist ùr mu thruailleadh, is aona sgiobair ag innse gun robh crùbagan a ghlac e air an gannrachadh le diesel.

Thuirt Transocean gum bu chòir dhan sgiobair fios a chur orra.

Chunnacas lì fhad 's a bhathar a' tarraing a' chlàir dhan Loch a Tuath.

Tùs an deilbh, Craig Allan

Thuirt eòlaichean gu bheil seo mar thoradh air an obair a tha a' dol gus tancaichean a' chlàir a chothromachadh.

Tha bàta a tha na phàirt den sgioba-salbhaidh a' sgapadh na lì.

Tha daoine fhathast air an casg bho thràigh an Dail Mhòir.

Thuirt oifigear an Riaghaltais, Uisdean Seathach, gu bheil e an dòchas an casg sin a thogail cho luath 's a tha deuchainnean sàbhailteachd air an dèanamh.

Thug Mgr Seathach taing dha Comhairle nan Eilean Siar is muinntir Leòdhais 'son gach taic sa chola-deug mu dheireadh.