Sgitheanaich ag amas air duais eile

Boireannaich an Eilein Sgitheanaich Image copyright Boireannaich an Eilein / John Fullerton

Tha boireannaich an Eilein Sgitheanaich ag amas air crìoch a chur air seusan sònraichte Disathairne le Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh.

Tha an sgioba air adhartas mòr a dhèanamh thar nam bliadhnaichean a dh'fhalbh, is rinn iad eachdraidh na bu thràithe air a' mhìos nuair a thog iad an Lìog Nàiseanta 'son a' chiad uair.

Bhuannaich na Sgitheanaich sia de na h-ochd geamaichean aca, is iad pìos air thoiseach air na sgiobaidhean eile.

Chan eil iad deiseil aige sin.

'S e eachdraidh a bhiodh ann Cupa Valerie Fhriseil - Cupa Camanachd nam Ban - a thoirt air ais dhan eilean cuideachd.

Bha na Sgitheanaich sa chuairt dheireannaich aon turas roimhe ann an 2014.

Chaidh Sarah Corrigal ainmeachadh mar shàr-chluicheadair an là sin, ach bhuannaich Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal 3-2 air a' cheann thall.

An turas seo 's e Loch Abar - sgioba eile nach do bhuannaich an fharpais roimhe - a tha a' seasamh eadar boireannaich an eilein agus an cupa.

Tha dùil ri geama teann, is na h-Abraich an-dràsta san dàrna àite san lìog.

Rinn iad a' chùis air na Sgitheanaich 4-2 ann an Drochaid an Aonaichain sa Ghiblean, le sgioba an eilein an uairsin a' soirbheachdh 3-1 ann am Port Rìgh sa Chèitean.

Bidh iad ag amas air sin a-rithist Disathairne is Cupa nam Ban a bhuannachadh dhan eilean, is 26 bliadhnaichean ann bho thàinig Cupa nam Fear a Phort Rìgh.

Tòisichidh an geama aig an Àird aig 3f, is Evan MacRath na rèitire.

Nas tràithe air an là, bidh Srath Ghlais an aghaidh Lòbhait sa Chupa Dùbhlan aig 1f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile