Clàr-ola ga sgrùdadh
- Air fhoillseachadh
An clàr-ola san Loch a Tuath Diardaoin
Tha obair-sgrùdaidh a' tòiseachadh air an Transocean Winner is i a-nise aig acair san Loch a Tuath.
Ràinig an clàr an loch tràth feasgar Diciadain, às dèidh mar a chaidh a shlaodadh far nan creagan aig Dail Mòr oidhche Luain.
Chaidh ceithir acraichean a chur sìos san Loch a Tuath a chumas an clàr, is ceithir eile air an t-slighe.
Leis an doimhneachd a tha san Loch a Tuath, tha cothrom ann uidheamachd ROV agus daibhearan a chur fon chlàr.
Tha amharas air an luchd-salbhaidh gun deach milleadh a dhèanamh air a' chlàr nuair a chaidh i air tìr, agus nuair a bhathas ga shlaodadh far nan creagan.
Sgrùdadh
Innsidh an sgrùdadh an gabh milleadh sam bith a chàradh san uisge, no am feumar an Transocean Winner a ghluasad a-rithist gus an obair sin a dhèanamh.
Tha daoine fhathast air an casg bho thràigh an Dail Mhòir agus an sgìre timcheall air.
Thuirt oifigear an Riaghaltais, Uisdean Seathach, gu bheil e an dòchas an casg a thogail cho luath 's a tha deuchainnean sàbhailteachd air an dèanamh.
Tha casg cuideachd ann a-nise timcheall air a' chlàr-ola san Loch a Tuath.
Tha sgìre de chilemeatair mun cuairt a' chlàir air a thoirmeasg do shoithichean, ach gheibh bàtaichean a-mach is a-steach fhathast dha Cidhe Bhrèibhig is Cidhe Phort nan Giùran.
Bidh an Transocean Winner anns an Loch a Tuath 'son trì seachdainnean co-dhiù.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 An Lùnastal 2016