Aonta solair "gu buannachd na Gàidhealtachd"

  • Air fhoillseachadh
Comhairle Baile Obar DheathainTùs an deilbh, Colin F M Smith/Geograph

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air gealltainn nach caill gnothachasan beaga san sgìre a-mach ri linn plana airson seirbheisean is eile a cheannach ann an co-bhonn ri Comhairle Obar Dheathain is Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain.

Dh'aontaich a' Chomhairle ann am prionnsabal ceannach a dhèanamh còmhla ris na comhairlean eile, ann an oidhirp còrr air £20m a chùmhnadh thairis air còig bliadhna.

Bhiodh còrr air £1m sa bhliadhna ga shàbhaladh leotha.

Dheadh còig cosnaidhean a chruthachadh san sgìre cuideachd.

"Aig a' cheann thall feumaidh sinn airgead a shàbhaladh anns na bliadhnaichean a tha romhainn," thuirt an Comh. Alasdair MhicFhionnghain.

"Bha sinn a' coimhead air mar a bha an solar againn ann an Roinn na Gàidhealtachd ag obair, agus cha robh sinn den bheachd gun robh e ag obair cho math 's a bu chòir.

"Tha sinne a' cosg air Ghàidhealtachd an-dràsta còrr air £275m, agus na trì comhairlean le chèile, bidh iad a' cosg còrr air billean not, agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn na seirbeisean nas saoire aig a' cheann thall.

Cosnaidhean

"Ach aon rud a chanainn, feumaidh na gnothachasan air Ghàidhealtachd a bhith a' coimhead air adhart cuideachd.

"Tha mise den bheachd cuideachd gum bi tòrr mòr ann dhaibh anns na làithean a tha romhainn.

"Cha bhi duine a' call an cosnaidh. Aig a' cheann thall tha sinne a' coimhead gum bi còrr air còig obraichean ùra a' tighinn dhan Ghàidhealtachd, agus 's e naidheachd mhath a tha sin cuideachd.

"Bidh na daoine sin ag obair còmhla ris na trì comhairlean - Obar Dheathain, Siorrachd Obar Dheathain agus Roinn na Gàidhealtachd - a' feuchainn ri seirbheisean fhaighinn nas fheàrr na tha iad an-dràsta.

"Cha chaill gnìomhachasan beaga air Ghàidhealtachd a-mach.

"Bidh sinne a' coimhead air seo. Feumaidh gnothachasan beaga na sgìre a bhith an sàs an seo cuideachd, agus feumaidh sinn a bhith a' cuideachadh dhaibh, airson ma tha iad ag iarraidh barrachd obrach, bidh sin ann dhaibh cuideachd.

"Feumaidh sinn coimhead air gach cùmhnant a th' aig a' Chomhairle, agus tha mise den bheachd gum bi buanachd ann dha na gnothachasan air a' Ghàidhealtachd," thuirt e.