Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

In-imreachd

Bha in-imreachd a Bhreatainn eadar tighinn agus falbh aig 327,000 air a' bhliadhna dhan Mhàrt, sìos 9,000 air a' bhliadhna ron sin. Tha an àireamh gu lèir ge-tà gu math nas motha na tha an Riaghaltas ag iarraidh, agus iad ag amas air a thoirt a-nuas gu nas lugha na 100,000 ro 2020.

An Eadailt

Tha fios ann a-niste gun do chaill faisg air 250 duine am beatha sa chrith-thalmhainn ann am meadhan na h-Eadailte an-dè. Chuir sgiobannan teasairginn an oidhche seachad a' coimhead airson daoine fon sprùilleach anns na trì bailtean as miosa a dh'fhulaing. Bha dà chrith bheag eile ann anns a' mhadainn an-diugh.

Na Làbaraich

Thèid Jeremy Corbyn agus Owen Mac a' Ghobhainn, a tha a' seasamh airson ceannas a' Phàrtaidh Làbaraich, an aghaidh a chèile aig deasbad ann an Glaschu a-nochd. Tha ceannard nan Làbarach an Alba, Kezia Dugdale, a' cur a taic ri Mgr Mac a' Ghobhainn. Ach tha an leas-cheannard Albannach, Ailig Rowley, air taobh Mhgr Chorbyn.

Transocean Winner

Leanaidh an sgrùdadh an-diugh air a' chlàr-ola Transocean Winner a chaidh air na creagan ann an Leòdhas bho chionn còrr is cola-deug. Tha an clàr a-niste air acair anns an Loch a Tuath an dèidh a ghluasad bho thaobh siar an eilein.

Camber Sands

Tha poilis air taobh sear Sussex fhathast a' feuchainn ri dearbhadh cò an còignear a chaidh a bhàthadh aig Camber Sands. Chaidh na fir a thoirt às an uisge an-dè. Thòisich ath-chuinge airson maor-sàbhalaidh a stèidheachadh air an tràigh sin a-rithist an dèidh bàs eile le bàthadh air a' mhìos a chaidh.

Yorkshire Ripper

Chaidh am murtair an Yorkshire Ripper a ghluasad bho ospadal inntinne Broadmoor gu Prìosan Frankland ann an Co. Durham. Chaidh co-dhùnadh gun robh paranoid schizophrenia air Peter Sutcliffe, an dèidh a dhiteadh ann an 1981 airson 13 de bhoireannaich a mhurt, agus oidhirp air seachdnar eile a mharbhadh.

Tuathanaich

Tha ministear nan cùisean dùthchail, Fearghas Ewing, agus riochdairean an àiteachais a' coinneachadh an-diugh a dheasbad buaidh Bhreatainn a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich. Tha a' choinneamh seo ann agus tuathanaich ag iarraidh gealltanais bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun lean taic-airgid den t-seòrsa a tha a' tighinn an-dràsta bhon Aonadh Eòrpach.