Dh'fhaodar an clàr a bhriseadh an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar gum faodadh an clàr-ola, an Transocean Winner, a bhith air a bhriseadh aig goireasan sna h-eileanan.
Bha an clàr-tollaidh air a shighe gu ruige gàraidh bhrisidh san Tuirc airson a thoirt às a chèile nuair a bhris an ròpa a bha ga shlaodadh 's a chaidh e air na creagan aig Dal Mòr air taobh siar Leòdhais.
Tha e an-dràsta air acair san Loch a Tuath, air taobh sear an eilein, far a bheil dàibhearan ga sgrùdadh feuch dè na chaidh a dhèanamh air de mhilleadh.
Ach thuirt an Comh. Aonghas Caimbeul gur dòcha gum fanadh e sna h-Eileanan Siar nas fhaide na bha dùil.
Sgrìobh e chun na companaidh leis a bheil an clàr, Transocean, feuch am beachdaicheadh iad air a bhriseadh 's a chuid phàirtean ath-chuairteachadh aig Gàradh Àranais, air iomall Steòrbnabhaigh.
Thuirt Uisdean Seathach, riochdaire Rùnaire na Stàite airson Salbhaidh Mhara, a tha os cionn na h-iomairt gus dèiligeadh ris a' chlàr, nach deach co-dhùnadh deireannach a dhèanamh fhathast mu na thachradh dha.
Na litir gu Transocean, thuirt Mgr Caimbeul: "Tha sinn toilichte gu bheil sibh a' dèiligeadh ri luchd-solair ionadail, agus, leis gun toireadh e fìor-dheagh bhuaidh gu h-eaconamach air na h-eileanan, dh'iarramaid a-niste gun deadh beachdachadh dha-rìribh air goireasan agus eòlas einnsinnìridh ionadail a chleachdadh airson obair-càraidh a tha a dhìth.
"Mar a bhios fhios agaibh, tha lìonra solair ola agus gas stèidhichte sna h-eileanan, le goireasan mòra aig Gàradh Àranais, agus deagh cheanglaichean a cheadaicheadh gun tigeadh luchd-obrach sgileil a-steach 's a-mach mar a bhiodh a dhìth.
"Ghabhadh pàirtean a ghabhadh ath-chuairteachadh stòradh aig Pàirce na Crìoda air iomall Steòrnabhaigh gus an gabhadh an reic.
"Bhiodhmaid gu math toilichte obrachadh còmhla ri Transocean, Smit Salvage agus buidhnean eile a dhèanamh cinnteach gun deadh buannachdan, gach cuid dìreach agus neo-dhìreach, a chumail sna h-eileanan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An Lùnastal 2016