Beachdan thuathanach gan cluinntinn
- Air fhoillseachadh

Tha Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, a' coinneachadh ri riochdairean àiteachais Diardaoin a chluinntinn am beachdan mu àite na h-Alba san Aonadh Eòrpach.
Tha a' choinneamh a' tighinn an dèidh do Mhgr Ewing iarraidh an t-seachdain seo chaidh gun dearbhadh Riaghaltas Bhreatainn maoineachadh do bharrachd ghnothachasan a tha e ag ràdh a tha riatanach don eaconamaidh dhùthchail, 's a tha an-dràsta a' faighinn taic-airgid subsadaidh bhon Aonadh Eòrpach.
Nochd tuathanaich draghan mòra mun bhuaidh a dh'fhaodadh Breatainn a bhith a' fàgail an AE a thoirt air a' ghnìomhachas, agus an taic-subsadaidh a tha e a' faighinn fo Phoileasaidh Choitcheann an Àiteachais (CAP).
Dh'iarr Mgr Ewing gun dearbhadh Riaghaltas Bhreatainn am maoineachadh air fad a tha tuathanaich Albannach air a bhith a' faighinn on AE.
Tha e ag ràdh nach eil Riaghaltas Bhreatainn air gu leòr a dhèanamh gus an t-soilleireachd a tha a dhìth air a' ghnìomhachas a thoirt dha.
Thuirt e gur e cothrom a bh' ann an coinneimh Dhiardaoin beachdan a' ghnìomhachais air na dùbhlain a tha roimhe a chluinninn.
Thuirt e gun coimheadadh Riaghaltas na h-Alba ris a h-uile roghainn gus àite na dùthcha san Aonadh Eòrpach a dhìon.