Buidheann ùr do dh'Eileanan na h-Alba

Ratharsair Image copyright Peter Paalvast/Geograph

Chaidh buidheann ùr fhoillseachadh a bhios ag amas air guth nas làidire a thoirt do dh'eileanan na h-Alba.

Dh'fhoillsich Ministear nan Eilean, Humza Yousaf, Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean, 's e a' tadhal air Ratharsair Diardaoin.

Thathas a' tuigsinn gum bi riochdairean air a' bhuidhinn bho na sia comhairlean a tha an urra ri eileanan - Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Siorrachd Àir a Tuath, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn.

Chuir BPA an Eilein Sgitheanaich, Rois agus Loch Abair, Ceit Fhoirbeis, fàilte air an naidheachd.

"A thuilleadh air Bile nan Eilean a thoirt a-steach, bha gealltanas ann am manifesto an SNP Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean a chur air chois, agus saoilidh mise gur e ceum air adhart a tha sin," thuirt i.

Fhad 's a bha Mgr Yousaf ann an Ratharsair, thadhail air air làrach an taighe-staile ùir, agus air goireasan an ionaid choimhearsnachd agus Taigh Mòr Ratharsair.

Chuala e draghan gu bheil gainnead cùraim shlàinte a' cur bacadh air teaghlaichean a bhith a' dèanamh an dachaigh san eilean.

Thuirt Mgr Yousaf gur e cothrom a bh' anns a' bhuidhinn ùir airson cumhachd a bharrachd a thoirt do choimhearsnachdan eileanach na dùthcha.

Bidh a' bhuidheann a' cur ri iomairt an Riaghaltais gus Bile nan Eilean a chur ann an lagh.