Clach-mhìle dha FTMG anns na h-Eileanan an Iar

Clann-sgoile

Tha Sgoil Bhreascleit a' comharrachadh Diardaoin gu bheil 30 bliadhna ann bho thòisich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san sgoil.

'S ann aig Sgoil Bhreascleit a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar.

Bha ceathrar sgoilearan air a' chiad chlas anns an Lùnastal 1986.

Tha foghlam Gàidhlig anns an h-eileanan air fàs gu mòr bhon uairsin.

Thàinig leudachadh an-uiridh.

Inbhe

Chaidh inbhe Sgoil Ghàidhlig air sia sgoiltean, ged a tha foghlam tro mheadhan na Beurla fhathast ri fhaighinn annta.

Bha Sgoil Bhreascleit nam measg, is còrr is 80% de na sgoilearan a-nise a' faighinn an cuid fhoghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

'S e Beàrnaraigh, Bàgh a' Chaisteil, an Iochdar, Sgoil an t-Òib agus Sgoil an Taobh Siar na sgoiltean eile.

A bharrachd air na tha a' dol ann am Breascleit 'son a' chlach-mhìle a chomharrachadh, tha Comhairle nan Eilean Siar airson barrachd aire a thoirt do dh'fhoghlam Gàidhlig tron bhliadhna cuideachd.

Tha dùil aca 'Là Gàidhlig' a bhith aca san t-Samhain, is gach sgoil is sgoil-àraich fosgailte air an là.

Tha a' Chomhairle an dòchas an là a chleachdadh gus barrachd sgoilearan a thàladh dha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Roghnachadh

"Mar as trice nuair a tha sinn a' tighinn suas dhan àm nuair a bhios pàrantan a' dèanamh roghnachadh a bheil iad a' dol a chur an cuid chloinne tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, bidh na sgoiltean ionadail aca fosgailte", thuirt Evelyn Coull NicLeòid bho Chomhairle nan Eilean Siar.

"Tha sinn an dòchas a h-uile càil a tha seo a chumail air an aon là agus beagan brosnachaidh a dhèanamh a thaobh dà chànanas is mu na buannachdan a tha an cois foghlam tro mheadhan na Gàidhlig", thuirt e.

Stèidhich Comhairle nan Eilean targaid roimhe gum bi 55% de chloinn na sgìre a' dol tro fhoghlam Ghàidhlig.

Thuirt a' Bh.Ph. Coull NicLeòid gu bheil iad air an targaid a ruighinn ann an Uibhist is Barraigh, ach gu bheil obair ri dhèanamh ann an sgìrean eile, gu h-àraidh ann an Steòrnabhagh.

Thuirt i gu bheil a' Chomhairle daonnan a' coimhead ri dòighean air fàs a thoirt air a' chùis.

Sheall figearan bhon chunntas-sluaigh mu dheireadh gu bheil dàrna leth de chloinn nan Eilean Siar gun chomas sa Ghàidhlig.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile