BBC Naidheachdan

Deuchainnean le solais an Longman

Published
image copyrightRichard Webb / Geograph

Dh'aontaich oifigearan riaghaltais deuchainnean a dhèanamh leis na solais trafaig aig cearcall-rathaid an Longman ann an Inbhir Nis.

Tha gearainnean air a bhith ann bho chaidh na solais a chur an sàs le cuid ag ràdh gun do chuir iad ri trioblaidean trafaig a' bhaile seach an lùghdachadh.

Bha cuid de dhràibhearan den bheachd nach robh na solais idir ag obair mar a bu chòir.

Bheachdaich Còmhdail Alba air ceithir roghainnean.

Bha cur às dha na solais buileach nam measg.

Giorrachadh

Tha iad air co-dhùnadh an ùine eadar atharrachaidhean nan solas a ghiorrachadh.

Thuirt iad gur e sin an dòigh as fheàrr trafaig a chumail a' gluasad.

Thèid seo a chur an sàs air an 29mh den Lùnastal.

Mairidh na deuchainnean gu meadhan an t-Sultaine.

Thèid co-dhùnadh an uairsin am bu chòir na h-atharrachaidhean a chumail.