Fear-aghaidh ùr aig ICT
- Published
image copyrightSNS
Tha Caledonian Thistle air fear-aghaidh, Lonsana Doumbouya, a thoirt a-steach air cùmhnant dà bhliadhna.
Chluich am Fraingeach, 26, a rugadh ann an Guinea, dha Cercle Brugge sa Bheilg mu dheireadh.
Roimhe sin, bha e a' cluiche san Fhraing.
Tha Caley Thistle aig bonn na Prìomh Lìge is iad gun phuing fhaighinn fhathast.
Chaidh iad a-mach à Cupa na Lìge an aghaidh Alloa.
Thathas a' tuigsinn gu bheil am manaidsear, Richie Foran, fhathast a' feuchainn ris an sguad aige a neartachadh.
Cluichidh ICT St Johnstone Disathairne.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 10 An Lùnastal 2016