Ath-chuinge Dùn Deòrsa gu Sràid Downing

Dùn Deòrsa Image copyright Colin Smith/Geograph

Thèid ath-chuinge a chur gu Riaghaltas Bhreatainn Dihaoine a' cur an aghaidh phlanaichean sam bith airson Dùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis a dhùnadh.

Thàinig e am follais san Ògmhìos an MOD gu robh a' dèanamh ath-sgrùdaidh air na th' aca de thogalaichean agus tha dragh ann gu bheil iad a' beachdachadh air a' ghearastan, a chaidh a thogail às dèidh Bliadhna Theàrlaich, a dhùnadh.

Ach chuir còrr 's 4,000 duine an ainm ris an ath-chuinge airson a shàbhaladh a bheir Ball-Pàrlamaid na sgìre gu Sràid Downing.

Thuirt an MOD nach tàinig iad gu co-dhùnaidhean mu na togalaichean fhathast.

Tha an Comh. Ailig Greumach ag ràdh gur e call a bhiodh ann nan dùnadh Dùn Deòrsa.

"Tha saighdearan a' tighinn 's a' falbh, ach tha am Freiceadan Dubh stèidhichte aig Dùn Deòrsa," thuirt e.

"Agus tha sin cudromach dhan sgìre, gu bheil iad fhèin an seo, 's gu bheil teaghlaichean aca a tha a' fuireach an seo.

"Agus a h-uile càil eile a tha an cois saighdearan a bhith anns a' bhaile.

"Tha mi a' smaointinn gur e buile a bhiodh ann.

"'S e buile cuideachd dhan sgìre, 's e aon de na togalaichean as eachdraidheil a th' againn a th' ann an Dùn Deòrsa, 's an uair sin bhiodh ceist ann dè bha a' dol a thachairt leis."