Ìmpidh air ministear mun A82
- Air fhoillseachadh

Choinnich ceannardan aig companaidh bathair ann an Loch Abar ri Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, a dh'iarraidh obair leasachaidh air an A82 gu grad.
Tha Fergusson Transport ag ràdh gu bheil iad a' call sgàthan cliathaich gach là air pìosan den rathad a tha cumhang.
Chuala Mgr Yousaf gun robh e a' cosg uimhir ri £1,000 gach là don chompanaidh sgàthain chliathaich a chàradh air na làraidhean aca a tha air am bualadh air pìosan cumhang den A82.
An dèidh na coinneimh shiubhail am ministear ann an aon de na làraidhean bhon gheasradan gu Omhanaich 'son trioblaid fhaicinn dha fhèin.
Chuidich BPA an Eilein Sgitheanaich, Loch Abar agus Bhaideanach, Ceit Fhoirbheis, le bhith a' cur air dòigh na coinneimh gus am feum a th' ann air an A82 a leasachadh a dhèanamh soilleir.
Thuirt i gu bheil an t-slighe deatamach airson na h-eaconamaidh ionadail agus nach biodh an adhartas as bunaidiche, leithid pìosan den rathad a leudachadh agus craobhan a ghearradh, ro chosgail.