Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Crith-thalmhainn

Tha e coltach gu bheil triùir à Breatainn am measg 270 a chaill am beatha sa chrith-thalmhainn anns an Eadailt a' bhòn-dè. Tha 400 duine eile anns an ospadal. Chaidh èiginn a ghairm anns na sgìrean as miosa a dh'fhulaing agus tha luchd-teasairginn fhathast a' coimhead airson daoine fon sprùilleach.

Siria

Bidh saorsa aig mìltean dhaoine baile Darayya ann an Siria fhàgail an dèidh aonta eadar na reubaltaich agus an Riaghaltas. Tha am baile air a bhith fo shèist aig feachdan an Riaghaltais bho chionn còrr 's ceithir bliadhna. Agus tha còmhraidhean ann an Geneva an-diugh eadar na Stàitean Aonaichte agus an Ruis ag amas air fois bhon t-sabaid ann an Aleppo, gus an tèid cobhair a dhèanamh air muinntir a' bhaile sin.

Na Làbaraich

Tha fear a bha na chomhairliche air poileasaidh dha na Làbaraich den bheachd gum faodadh am pàrtaidh ann an Alba sgaradh ma thèid Jeremy Corbyn a thaghadh mar cheannard. Tha Paul Mac na Ceàrdaich ag ràdh ma shoirbhicheas le Mgr Corbyn gum bi ceist mhòr ann mu Kezia Dugdale mar cheannard ann an Alba. Tha Ms Dugdale a' cur a taic ri Owen Mac a' Ghobhainn ann an taghadh a' cheannaird ach tha an leas-cheannard Albannach, Ailig Rowley, air taobh Mhgr Corbyn.

Dùn Deòrsa

Tha ath-chuinge a' dol dhan Riaghaltas ann an Lunnainn an-diugh ag iarraidh Gearastan Deòrsa faisg air Inbhir Nis a chumail fosgailte. Thàinig e am follais anns an Ògmhios gu bheil Ministreachd an Dìon a' beachdachadh air an gearastan aig Dùn Deòrsa a dhùnadh. Ach chuir còrr 's 4,000 duine an taic ris an iomairt airson a shàbhaladh agus tha ball-pàrlamaid na sgìre, Drew Hendry, a' toirt na h-ath-chuinge gu Sràid Downing an-diugh.

Oscar Pistorius

Dh'fhàillig tagradh a rinn an stàit ann an Afraga a Deas an aghaidh binn sia bliadhna sa phrìosan air an lùth-chleasaiche paralympic, Oscar Pistorius. Chaidh esan a dhìteadh airson murt a leannain, Reeva Steenkamp, ann an 2013. Sheachain am britheamh binn 15 bliadhna sa phrìosan agus tha an stàit a' cumail a-mach gu bheil binn sia bliadhna ro ghoirid. Tha trì seachdainean a-nist aig an stàit airson a' chùis a thoirt gu prìomh chùirt na dùthcha.

Drogaichean Dlìgheach

Thuirt Poilis Alba gun tàinig buaidh fhollaiseach à lagh ùr an aghaidh nan stuthan ris an canar 'legal highs'. Aig aon àm bha 90 àite ann an Alba a bha a' reic nan stuthan sin, ach tha na Poilis ag ràdh, bhon a dh'atharraich an lagh anns a' Chèitean, nach eil àite idir gan reic gu follaiseach.

Sròn an t-Sìthein

Chuir Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd taic ri muinntir Shròn an t-Sìthein a tha ag iarraidh bun-sgoil a thogail dhaibh fhèin. Tha iad airson an toglach ùr a dhealbh air dhòigh, mura bi feum air mar sgoil tuilleadh, gun gabh a leasachadh gu taigheadas no goireas eile dhan choimhearsnachd.