Coinneamh mu aiseag Shlèite

  • Air fhoillseachadh
MV Coir' Uisg'
Fo-thiotal an deilbh,
Tha muinntir Shlèite air a bhith ag iomairt airson an MV Coir' Uisg' fhaighinn air ais

Choinnich Fòram Còmhdhail Shlèite ri Ministear na Còmhdhail Humza Yousaf Diardaoin 's mì-thoileachas mòr ann mu sheirbheis aiseig na sgìre.

Tha muinntir na sgìre a' gearain mu cho tric 's a chaidh seirbheisean a chur dheth, agus mar a b' fheudar na clàran-ama atharrachadh, bho chaidh an MV Coir' Uisg' a thoirt air falbh le trì aiseagan eile a' dol na h-àite.

Chaidh an Coir' Uisg' a dhealbh a dh'aona-ghnothaich airson na slighe eadar Armadal agus Malaig agus tha a' bhuidheann a' cumail a-mach nach eil na h-aiseagan a chaidh a chur na h-àite idir freagarrach.

Bha dòchas ann aig toiseach an t-samhraidh gum faodadh an Coir' Uisg' a bhith air a tilleadh dhan t-slighe ach dhearbh CalMac às dèidh sin nach tachradh sin am-bliadhna seo co-dhiù.

"Èisteachd"

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite a' sireadh gealltanais bho ChalMac agus Còmhdhail Alba nach èirich an aon suidheachadh a-rithist an ath-bhliadhna.

Thuirt Cathraiche na buidhne, Ruaraidh Moireach, gun robh iad riaraichte leis an èisteachd a fhuair iad bho Mhinistear na Còmhdhail.

"Tha sinn toilichte gun tàinig am ministear a bhruidhinn rinn mu dheidhinn - bha fiosrachadh glè mhath aige mu dheidhinn na trioblaid a bh' againn ach fhuair sinn an cothrom innse dha fhèin gu pearsanta agus gun dèilig e fhèin agus Còmhdhail na h-Alba a-nis ris an trioblaid a th' againn agus tha mi an dòchas gum faigh sinn rud nas fheàrr as t-samhradh seo tighinn" thuirt e.

Chuir e taic ri iarrtas BhPA Earra-Ghàidheal 's Bhòid, Mìcheal Ruiseal, gum biodh aiseag a bharrachd aig CalMac a ghabhadh a chleachdadh nuair a bhriseadh aiseag neo nam biodh feum air aiseag a bharrachd airson tuilleadh luchd-turais a ghiùlain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh