Dàil ann an dùnadh ionadan-stiùiridh nam Poileas

Ionad stiùiridh nam Poileas
Image caption Tha dragh air cuid gun tèid eòlas ionadail a chall nuair a dhùineas na h-ionadan.

Dhearbh Poilis na h-Alba nach dùin ionad-stiùiridh Inbhir Nis chun na h-Òg-mhìos an ath-bhliadhna, agus nach tèid luchd-obrach sam bith a chur às an dreuchdan an aghaidh an toil nuair a thèid a dhùnadh.

Bha dùil gun deadh na h-ionadan ann an Obar Dheathain agus ann an Inbhir Nis a dhùnadh nas tràithe air a' bhliadhna seo ach chaidh dàil a chur air sin às dèidh tubaiste air an A9 ann an Siorrachd Shruighlea anns an do chaill dithis am beatha.

Chaidh fios a chur air na Poilis nuair a thachair an tubaist ach thug e trì là do dh'oifigearan a dhol a-mach ga rannsachadh.

Tha dùnadh ionadan Inbhir Nis agus Obar Dheathain mar phàirt den chrathadh fon deach feachd poilis nàiseanta a stèidheachadh ann an Alba, 's e ag amas air airgead a chùmhnadh agus teicneolas ùr a chur gu feum.

Nuair a dhùineas ionadan Inbhir Nis agus Obar Dheathain 's ann ann an Dùn Dè a thèid dèiligeadh ri gairmean èiginn às a' cheann a tuath.

Tuilleadh air an sgeulachd seo