Taic do sgoil ùir ann an Sròn an t-Sithein
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Kenneth Allen/Geograph
'S ann leis a' choimhearsnachd a bhiodh an sgoil ùr.
Chuir comataidh foghlaim Chomhairle na Gàidhealtachd taic ri plana fon togadh muinntir Shròn an t-Sithein bun-sgoil ùr dhaibh fhèin.
Tha a' bhuidheann a th' air cùl nam planaichean ag ràdh gu bheil bun-sgoil ùr a dhìth, 's iad deònach a togail iad fhèin agus a leigeil a-mach air màl dhan Chomhairle.
Tha iad am beachd an togalach a dhèanamh ann an dòigh a bhiodh a' ciallachadh gum faodadh iad feum eile a dhèanamh dheth mura biodh a' Chomhairle ga iarraidh tuilleadh.
Feumaidh iad fhathast an t-airgead a thogail a leigeadh leotha am pròiseact a thoirt air adhart.
Ma thèid leotha, 's e seo a' chiad sgoil air a' Ghàidhealtachd a bhiodh leis a' choimhearsnachd.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh