Ath-leasachadh an fhearainn ga dheasbad

  • Air fhoillseachadh
Scottish landscapeTùs an deilbh, Iain Maclean
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dùil gum faodadh buaidh a bhith aig Breatainn a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich air obair an fhearainn

Bidh ath-leasachadh an fhearainn ann an Alba ga dheasbad aig co-labhairt ann an Obar Dheathain Dihaoine.

'S e seo a' chiad deasbad de a leithid bho chuir Pàrlamaid na h-Alba taic ri Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2016.

'S e roinn lagha an oilthigh a tha ga chur air dòigh 's iad a' toirt còmhla eòlaichean lagha agus feadhainn air an toir an lagh ùr buaidh.

Tha dùil cuideachd gun tèid togail air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig Breatainn a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich air fearann ann an Alba a thaobh subsadaidhean Eòrpach 's eile.

Bidh cothrom aig buidhnean airgead iarraidh bho Stòras ùr an Fhearainn, anns am bi luach £10m, bho toiseach a' Ghiblein an ath-bhliadhna.

Cluinnear cuideachd mu mar a chaidh deìligeadh ri ath-leasachadh an fhearainn ann an dùthchannan eile leithid Astràilia agus Nirribhidh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh