Comataidh ùr ga taghadh

Col Uarach Image copyright Donald Lawson/Geograph

Tha croitearan ann an Col Uarach an Leòdhas air coinneamh a ghairm airson Disathairne 10mh an t-Sultain gus comataidh ionaltraidh eile a thaghadh dhan bhaile.

Chuir Coimisean na Croitearachd às dhan chomataidh a bh' ann.

Tha croitearan a' taghadh tèile a dh'aindeoin 's gu bheil an Coimisean air constabal fhastadh airson gnothaichean a' bhaile a ruith.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil mòran de na co-dhùnaidhean a tha an Coimisean air a dhèanamh mì-laghail, 's tha iad ag iarraidh air Fear-Gairm a' Choimisein agus Coimiseanair nan Eilean Siar an dreuchan fhàgail, mar a chaidh iarraidh aig coinneimh a chùm Caidreachas Croitearachd na h-Alba ann an Steòrnabhagh.

Chùm croitearan a' bhaile coinneamh far an do chuir mòr-chuid taic ri beachd gun robh an Coimisean air a dhol thar nan cumhachdan aca, gu bheil an constabal a tha an sàs anns a' bhaile a' dèanamh rudan às leth a' Choimisein 's nach ann às leth nan croitearan, agus gu bheil e a' feuchainn ri adhbharan a lorg a dh'fhìrinnicheas co-dhùnadh a' Choimisein a' chomataidh baile a bh' ann a chur ma sgaoil.

Tha croitearan a' bhaile cuideachd ag iarraidh faighinn a-mach ciamar a thachair e gun d' fhuair an constabal smachd air cunntas banca na comataidh.

Bha iad cuideachd airson a dhèanamh soilleir, ged a tha iad air a bhith ag obrachadh còmhla ris a' chonstabal, nach eil sin a' ciallachadh gu bheil iad ag aontachadh ris, agus gu bheil iad den bheachd gun deach a chur dhan dreuchd gu mì-laghail.

'S e seasamh nan croitearan gum bu chòir, a rèir lagh na croitearachd, gun deach comataidh ùr a thaghadh, seach constabal a bhith air a chur an sàs.

Tha iad ag iarraidh air a' Choimisean leisgeul poblach iarraidh air na croitearan ann an Col Uarach airson na thachair.

Tha iad cuideachd draghail gun do chaill am baile a-mach air cothroman airgid leasachaidh ri linn an constabal a bhith ann, agus iarrtasan a dh'fheumas tighinn bho chomataidh a' bhaile air a dhol seachad air an cinn-là.

Ann am fiosrachadh a sgaoil an Coimisean air an deireadh-sheachdain, thuirt iad gun robh adhbharan laghail aca fo Achd na Croitearachd airson constabal a chur an sàs.

Thuirt iad gu bheil an constabal a-niste a' tighinn faisg air deireadh na h-ùine a chuireadh roimhe, agus nuair a dh'fhalbhas e gum faod na croitearan comataidh a thaghadh iad fhèin.