"Fàilte" iasgairean ro Bhrexit

Tràladh

Chuir Comann Iasgairean nan Eilean Siar fàilte air bhòt Bhreatainn airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

Bha iad a' cumail coinneimh bhliadhnail a' Chomainn ann an Uibhist Disathairne.

Tha Rùnaire a' Chomainn, Donnchadh MacAonghais, an dòchas gur e a thig às air a' cheann thall na h-eileanan a bhith a' dèanamh co-dhùnadh dhaibh fhèin nuair a thig e gu iasgach.

"Tha sinn air faicinn anns an 40 bliadhna a dh'fhalbh gu bheil a' Bruiseal air sgrios mòr a dhèanamh air na coimhearsnachdan anns na h-Eileanan an Iar, agus air feadh Alba san fharsainneachd," thuirt Mgr MacAonghais.

"Tha sinn air faicinn gu bheil an àireamh bhàtaichean air tuiteam cairteal anns an ùine sin, agus tha an àireamh dhaoine a tha ag obair anns a' ghnìomhachas air tuiteam cairteal cuideachd.

"Agus nuair a choimheadas sinn air àiteachan eile a tha taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich, 's ann a tha iasgach air beothachadh an-àirde sna coimhearsnachdan a tha sin.

"Feumaidh sinn a bhith cinnteach ann an Alba gur ann gu h-aona-ghuthach a bhios an gnìomhachas a' dol air adhart.

"Gu h-àraid nuair a chì sinn a' mhòr-chuid den mhaorach a tha a' dol a-null dhan Roinn Eòrpa an-dràsta, bhiodhte a' coimhead gum fuireadh a' mhargaid a tha sin, agus ged a tha tòrr ag ràdh gum biodh cìsean oirre, feumar coimhead gu bheil tòrr dhùthchanan thall anns an Roinn Eòrpa a tha a' cur tòrr stuth a-null a Bhreatainn.

"Mar eisimpleir an Fhraing, na tha iad a' cur de dh'fhìon ann. Na tha a' tighinn de fhlùraichean a-nall às an Òlainnd an sin.

"Chan eil na dùthchanan a tha sin a' dol a dhùnadh an dorais air a' mhargaidh a tha a-bhos ann am Breatainn idir.

"Agus bhiodh sinne an dòchas, nuair a bhiodhte a' coimhead ris a' mhargaid, gun obraicheadh e an dà thaobh.

"Gu h-àraid ann am Breatainn nuair a tha sinn a' coimhead ris a' mhargaid, 's e na h-Eileanan Fàrach, Innis Tìle agus Nirribhidh a tha a' cur a' mhòr-chuid den iasg a-steach a cheann an ear-thuath Shasainn far a bheil iad a' cruthachadh obraichean airson giollachd èisg.

"Agus bidh sinn a' coimhead ma tha sin a' tiginn a-steach a Bhreatainn an-dràsta agus sinne san Roinn Eòrpa, gum bi e glè fhurasta a thighinn gu co-dhùnadh a bhiodh coltach agus maireannach ris na dùthchanan a tha anns an Roinn Eòrpa an-dràsta.

"Bha tòrr chnapan-starra is mì-chinnt anns a' ghnìomhachas mu dheidhinn sgìrean glèidhteachais a bha Alba ag ràdh rinn a bha a' tighinn às an Roinn Eòrpa.

"Bhiodh sinn an dòchas gum biodh tòrr de na rudan sin air an roinn a-mach a-niste dha na coimhearsnachdan, agus mar a tha riaghailtean ùra a' tighinn à Dùn Èideann, agus cothrom aig na h-eileanan na riaghailtean aca fhèin a dhèanamh, agus sgìrean mara às ùr gan cruthachadh anns na còig bliadhna a tha romhainn, bhiodh sinne an dòchas gum biodh e a' toirt cothrom dha na h-eileanan grèim fhaighinn air agus a thighinn gu dòigh laghail air am biodh sin air a thoirt dha na coimhearsnachdan a chaill e, a bharrachd air a thoirt dha daoine le bàtaichean mòra aig a bheil e an-diugh, no pàirt dheth, agus barrachd a thoirt dhaibhsan."