Fèis gus fosgladh

Leabhraichean Image copyright Thinkstock

Tha an t-ullachadh mu dheireadh ga dhèanamh airson Fèis Leabhraichean is Ealain Inbhir Narann.

Bidh an tachartas a' ruith bho Dhimàirt gu Didòmhnaich, agus bidh òraidean is taisbeanaidhean ciùil, dannsa agus figearan meaganach air a bheil automata na chois.

'S e Disathairne Là na Cloinne, agus thèid taisbeanadh parkour a chur air dòigh an uair sin.

Bidh an sgrìobhaiche siubhail Simon Calder, deasaiche poileataigs BhBC Scotland Brian Taylor, agus an sgrìobhaiche dhealbhan-cluiche Alan Bissett am measg na nochdas aig an fhèis.

Bheir cuideachd an t-ùghdar agus tè-naidheachd Kirstin Innes, a sgrìobh an leabhar Fishnet, mu ghnìomhachas eadar-nàiseanta na feise, agus an t-ùghdar Jennifer Mòrag NicEanraig às Inbhir Nis, a sgrìobh an leabhar mu eachdraidh beatha an sgrìobhaiche Albannaich Josephine Tey, òraidean seachad.