Boireannach a bhàsaich sa mhuir air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, RNLI
Chuir bàta-teasairginn Inbhir Ghòrdain bàta beag an sàs tron iomairt
Dh'ainmich polais am boireannach, 84, a chaidh a-steach dhan mhuir faisg air Inbhir Pheofharain.
Chaidh Ealasaid Nic an t-Sutharlanaich a faicinn anns an t-sàl faisg air beul Abhainn Chonainn mu 6:20f Disathairne.
Chaidh a toirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis, far an do chaochail i.
Thuirt na Poilis gun deach fios a chur chun an teaghlaich.