Ceann-ùidhe Sgitheanach

Bodach an Stòir Image copyright Thinkstock
Image caption Thathas ag ràdh gu bheil an t-Eilean Sgitheanach air a bhith gu math trang le luchd-turais am-bliadhna.

Tha gnìomhachasan turasachd 'san Eilean Sgitheanach 's Loch Aillse ag iarraidh ro-innleachd ùir ionadail airson dèiligeadh ri trioblaidhean a tha a' tighinn an cois àireimh mhòir de luchd-turais.

Tha na h-àireamhan, gu h-àraidh air an t-samhradh, a' fagail thrioblaidean air na rathaidean agus ann an àiteachan far nach eil goireasan freagarrach, mar an Cuith-Raing, An Stòr agus Glumagan nan Sìthichean.

Tha gnìomhachasan air a dhol còmhla fon bhratach "Destination Skye and Lochalsh", agus chan fhada gus an cùm iad coinneamh phoblach.

'S i Shirley Spear aig a bheil an taigh-bidhe The Three Chimneys a tha na cathraiche.

Bliadhna thrang

Thuirt Marshall Dòmhnallach, a tha na neach-stiùiridh luchd-turais: "Bha mise a' dèanamh seo an-uiridh cuideachd agus bha dùil agam gun robh e trang, ach cha robh e a-riamh cho trang ri seo.

"Am-bliadhna fhèin, timcheall an seo aig a' Chuith-Raing, cha eil àite airson duine sam bith parcadh no taighean beaga no rudan mar sin, agus feumaidh rudeigin a bhith air a dhèanamh."

"Ma dh'fhalbhas an luchd-turais, 's dòcha nach fhaighinn sinn air ais iad agus feumaidh sinn bun-structar a chur ri chèile.

Goireasan

Tha bothan dha luchd-turais aig Seonaidh MacCoinnich an ceann a tuath an eilein, agus tha esan den bheachd gum feum Comhairle na Gàidhealtachd barrachd a dhèanamh a thaobh ghoireasan: "Chan eil fhios agam-sa, dè an dalladh a thàinig air na comhairlichean idir a' dùnadh nan taighean-beaga."

Cuideachd, thuirt e: "Na rathaidean fhèin, 's e nàireachadh a th' annta agus tha iad ann an staid a tha brònach.

Thuirt an Comhairliche Sgitheanach Hamish Friseal ge-tà, gu bheil an t-ùghdarras iondail a' dèanamh an dìcheill, gu bheil iad ag obair le coimhearsnachdan ann an iomadach sgìre gus fuasglaidhean a lorg, ach gu bheil dìth airgid a' fàgail chùisean doirbh dhaibh.