Transocean Winner a Chiseòrn?
- Published
Tha e coltach gu bheil Transocean, gam buin an clàr-ola a chaidh air na creagan ann an Leòdhas, ann an còmhraidhean mu Ghàrradh Chiseòirn air Taobh Siar Rois a chleachdadh airson an clàr a bhristeadh às a cheile.
Thuirt Ball-Pàrlamaid na sgìre sin, Iain Blackford, gu bheil Ciseòrn fìor-fhreagarrach le làn-chead-dealbhachaidh airson na h-obrach sin agus na goireasan uile aig an làraich.
Fhuair Port Chiseòirn Earranta cead an làrach ath-bheòthachadh ann an 2013, is gàradh cumhachd ath-nuadhachail a dhèanamh dheth.
Bha còrr air 3,000 duine ag obair ann an Ciseòrn nuair a bha an gàrradh aig àirde anns na 70an, an lùib obair na h-ola.