Planaichean ùra aig CalMac

Aiseag le CalMac anns an Òban Image copyright Calmac
Image caption Tòisichidh cùmhnant ùr ochd bliadhna ChalMac am-bliadhna

Tha CalMac air planaichean fhoillseachadh airson seirbheisean aiseig a' chosta an iar.

Tha seo a' tighinn às dèidh mar a bhuannaich iad cùmhnant ùr ochd bliadhna, luach £900m.

Thuirt CalMac gun do choisinn iad an cùmhnant seach gun cumadh iad sàbhailteachd aig cridhe an cuid obrach, agus ri linn 's gun dèanadh iad oidhirp seirbheisean a leasachadh, barrachd luchd-tadhail a shàsachadh agus barrachd conaltraidh a dhèanamh le coimhearsnachdan.

Thairis air na bliadhnaichean a tha romhainn, bu chòir do chothrom nas fheàrr a bhith aig companaidhean ionadail cur a-steach airson cumhnantan le CalMac.

Tha iad an dùil 80% den bhiadh ùr a tha iad a' reic fhaighinn bho sgìrean ionadail, thèid siostam thiceadan ùr a thoirt a-steach agus tha iad an dòchas seirbheis-troilidh dheochan a thòiseachadh.