Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Parkinson's

Thuirt luchd-saidheans aig Oilthigh Dhùn Èideann gu bheil iad ceum nas fhaisge air deuchainn airson tinneas Parkinson's. Fhuair iad dòigh air molecule aig a bheil ceangal ris an tinneas aithneachadh ann an cnàimh-droma euslaintich. Tha iad ag ràdh gu bheil am beagan rannsachaidh a rinn iad aig an ìre seo air a bhith fìor shoirbheachail.

Calais

Tha ceann-suidhe na sgìre den Fhraing anns a bheil Calais ag ràdh gum bu chòir cead a bhith aig luchd-imrich comraich iarraidh ann am Breatainn fhad 's tha iad fhathast anns na campaichean anns an Fhraing. Tha Xavier Bertrand ag ràdh gum bu chòir an uair sin an fheadhainn nach fhaigh cead air siubhal a Bhreatainn a thilleadh dha na dùthchannan às an tàinig iad. An-dràsta tha oifigich Bhreatannach a' sgrùdadh cead-siubhail ann an Calais agus tha oifigich anns an Fhraing a' dèanamh an dearbh rud ann an Dover.

Sgoiltean

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur stiùireadh ùr a-mach an-diugh mu churriculum na sgoile. Tha e a' cur cuideam air cunntas, leughadh agus sgrìobhadh le amas air a' bheàrn a dhùnadh eadar clann bho theaghlaichean nas fheàrr dheth agus feadhainn nach eil cho math dheth. Bidh e an urra ri comhairlean, sgoiltean agus tidsearan, ge-tà, dè uimhir den stiùireadh ùr a thèid a chur an sàs.

Ciseorn

Tha e coltach gu bheil Transocean, a' chompanaidh dham buin an clàr-ola a chaidh air na creagan ann an Leòdhas, ann an còmhraidhean mu ghàrradh Chiseoirn air taobh siar Rois a chleachdadh airson an clàr a bhristeadh às a chèile. Thuirt Ball-Pàrlamaid na sgìre sin, Iain Blackford, gu bheil Ciseorn fìor fhreagarrach le làn-chead-dealbhachaidh airson na h-obrach sin agus na goireasan uile air an làraich.

Croitearan

Tha croitearan Chuil Uaraich ann an Leòdhas a' cumail coinneimh aig deireadh na seachdain seo tighinn airson comataidh ionaltraidh ùr a stèidheachadh. Chuir Coimisean na Croitearachd às dhan t-seann chomataidh, agus chuir iad constabal os cionn a' bhaile. Tha na croitearan cuideachd ag iarraidh air Fear-Gairm a' Choimisein agus air Coimiseanair nan Eilean Siar an dreuchdan fhàgail.

Turasachd

Tha gnìomhachasan turasachd san Eilean Sgitheanach 's Loch Aillse ag iarraidh ro-innleachd ùir airson dèiligeadh ri trioblaidean a tha a' tighinn le àireimh mhòir de luchd-turais. Tha na h-àireamhan a' sìor èirigh, gu h-àraid air an t-samhradh, a' fàgail thrioblaidean air na rathaidean agus ann an àiteachan far nach eil goireasan freagarrach. Chaidh na buidhnean còmhla fon bhratach 'Destination Skye and Lochalsh' 's tha iad a' cumail coinneimh poblaich air a' chùis a dh'aithghearr.

Longman

Tha deuchainn air tòiseachadh an-diugh air solais thrafaig nas luaithe aig cearcall an Longman ann an Inbhir Nis. Bidh na solais ag atharrachadh nas trice an dèidh do dhràibhearan a bhith a' gearan mu mhaill agus ùine a' feitheamh air an earrainn sin den rathad faisg air Drochaid Cheasaig. Bidh deuchainn ann gu meadhan na Sultaine.