Bhrist 40 pìos bhon chlàr-ola

  • Air fhoillseachadh
Clàr-ola

Dh'innis sgrùdadh air an Transocean Winner gun do bhrist 40 pìos bhon chlàr-ola nuair a chaidh i air na creagan, agus fhad 's a bhathas ga slaodadh air ais gu muir.

Bha an clàr air na sgeirean aig Dail Mòr fad cola-deug mus deach a tarraing air ais gu muir Diluain seo chaidh.

Tha an clàr a-nise san Loch a Tuath is luchd-sgrùdaidh air cothrom fhaighinn sùil cheart a thoirt oirre.

Chaidh tòrr de na pìosan a thàinig far a' chlàir a chruinneachadh mar thà.

Stobte

Tha pìosan fhathast timcheall air Dail Mòr ge-tà, feadhainn stobte anns na creagan far an robh an clàr.

Tha casg fhathast ga chur air daoine a dhol chun na làraich far an robh i gus an tèid na pìosan stàilinn a thogail.

A dh'aindeoin a' mhillidh a chaidh a dhèanamh air a' chlar, tha sgrùdadh a' leantainn feuch am biodh e comasach a gluasad a-mach às an Loch a Tuath a dh'àiteigin eile far an rachadh a bhristeadh às a chèile.

Nochd beachd Diluain gum bu chòir an clàr a chur a Ghàrradh Chiseòirn air Taobh Siar Rois 'son an obair sin a dhèanamh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Beachd air na bhios an dàn dhan chlàr bhon eòlaiche chumhachd, Murchadh Moireach.

Dhearbh leas-riochdaire an Riaghaltais san iomairt ann an Leòdhas, Cailean Mulvana, gu bheil Ciseòrn air nochdadh ann an còmhraidhean mun chùis, còmhla ri Bàgh an Eige is Gàrradh Harland is Wolff ann am Béal Feirste.

Tha beachd ann gum biodh Bàgh an Eige is Béal Feirste air thoiseach is na goireasan aca mar thà an obair a dhèanamh.

Tha roghainn eile ann soitheach mhòr a chur a-steach gus an clàr a thoirt às an uisge is ghabhadh a cur an uairsin àite sam bith a thogras Transocean.

Tha dùil gun tèid co-dhùnadh a dhèanamh an ceann dhà no trì seachdainnean.

Roimhe sin, tha deasachadh a' dol air a' chlàr is dùil ri droch shìde Dimàirt.

Acraichean

Chaidh acraichean a bharrachd a chur an sàs air a' chlàr Diluain.

Tha ochd acraichean uile gu lèir a-nise air a' chlàr, is na loidhnichean eadar an clàr is na bàtaichean-slaodaidh a-nise air an tarraing.

Thèid cuideachd barrachd uisge a chur ann an tancaichean ballaiste a tha fhathast ag obair, gus am bi an clàr na suidhe nas doimhne san uisge nuair a thig an droch shìde.

Tha dùil ri gaoth bhon iar-dheas is mar sin bidh fasgadh aig a' chlàr san Loch a Tuath.

Tha na bàtaichean-slaodaidh fhathast faisg air làimh air eagal is gum bi feum orra.