Àrd-Oifigear ùr a dhìth air Comann na Camanachd

Pàirc a' Bhucht

Dh'innis Comann na Camanachd gu bheil Àrd-Oifigear na buidhne, Torcuil MacLeòid, a' fàgail a dhreuchd.

Chaidh Mgr MacLeòid a chur dhan obair ann an 2010.

Chaidh e an àite Gill Dhòmhnallaich, a bha air Comann na Camanachd fhàgail às dèidh àimhreit taobh a-staigh na buidhne ann an 2009.

Fàgaidh Mgr MacLeòid Comann na Camanachd aig deireadh an t-seusain seo san t-Samhain.

Thèid e gu obair ùr aig VisitScotland.

Thug e taing dhan a h-uile duine a chuidich e is thuirt e gun robh e air tòrr ionnsachadh san obair.

Duilich

Thuirt Comann na Camanachd gu bheil iad duilich gu bheil Mgr MacLeòid a' fàgail.

"S e call a th' ann cuideigin cho èifeachdach is dìlseach a chall, ach bha fios againn gum falbhadh Torcuil uaireigin", thuirt Ceann-suidhe Chomann na Camanachd, Jim Barr.

"Tha Torcuil a' fàgail a' Chomainn ann an suidheachadh nas làidire na bha e nuair a thòisich e, an dà chuid a thaobh rianachd is ionmhais.

"Nì e feum dha VisitScotland, is tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dha", thuirt Mgr Barr.

Dh'innis an Comann gun dèan iad sgrùdadh a-nise air obair an Àrd-Oifigeir.

Thuirt iad gun tèid an dreuchd an uairsin a shanasachd, is gum bi iad 'son cuideigin a chur dhan obair cho luath 's a ghabhas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile