Cruth-atharrachadh air seirbheisean

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach caill duine an consadh an aghaidh an toil 's iad am beachd cruth-atharrachadh a thoirt air an dòigh sa bheil iad a' toirt seachad sheirbheisean.

Thèid iarraidh Dimàirt air Comataidh Ath-Dhealbhachaidh na comhairle taic a chur ris na planaichean agus 120 seirbheis fon phrosbaig.

Thèid sùil a thoirt air iomadach seirbheis ceangailte ri pròiseictean còmhdhail, foghlaim agus an àrainneachd.

Nam measg tha seirbheis togail sgudail na comhairle, biadh sgoile agus aiseag a' Chorrain.

Thuirt cathraiche na comataidh, an Comh. Isabail NicCalluim, gun tèid beachdan an luchd-obrach, nan aonaidhean agus a' phobaill fhaotainn air na planaichean a tha seo.

Thuirt leas-chathraiche na comataidh gum bi àite nas motha aig a' phoball ann an Comhairle na Gàidhealtachd anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Dh'fhaodadh gur e buidhnean coimhearsnachd agus poblach a bhios an urra ri cuid de sheirbheisean na comhairle.