Airgead ga shireadh bho Thransocean
- Air fhoillseachadh

Tha Comataidh Cladh Dhail Mhòir air sgrìobhadh gu Transocean a dh'iarraidh airgid airson siostam dìon nan cladaichean anns an sgìre a chàradh - ged nach robh gnothach aig a' chlàr-ola a chaidh air na creagan ri mar a bhris e.
Chaidh gàradh-bacaidh a chur ann bho chionn 30 bliadhna ach tha pìos dheth sin air falbh leis an aimsir agus neart na fairge.
Chan eil airgead aig comataidh a' chladh neo aig Comhairle Coimhearsnachd Chàrlabhaigh airson an obair a dhèanamh iad fhèin 's tha iad a-nis air cuideachadh iarraidh bhon chompanaidh leis a bheil an Transocean Winner.
Chaidh bruidhinn cuideachd aig coinneimh na Comhairle Coimhearsnachd Diluain air a bheil feum air bàta-teasairginn anns an sgìre.
'S ann ann an Steòrnabhagh agus anns an t-Òb a tha na bàtaichean-teasairginn as fhaisge.